County ann an staing

  • 29 Am Faoilleach 2018
Coyle is Murty Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e fhathast misneachail gum fuirich iad sa Phrìomh Lìog is iad a-nise sia puingean air deireadh air càch aig a' bhonn.

Bha Owen Coyle a' bruidhinn às dèidh do Chounty a chall 2-1 ri Rangers an Inbhir Pheofharain Didòmhnaich.

Chuir Daniel Candeias Rangers air thoiseach sa chiad leth is fhuair Jason Cummings tadhal eile le ochd mionaidean air fhàgail.

Fhuair County tadhal air ais anns na dìogan mu dheireadh le breab-peanais bho David Ngog - a' chiad tadhal aigesan dhan cluba - ach chrìochnaich an geama 2-1.

Le Partaig is Dùn Dè air buannachadh Disathairne, tha a' bheàrn aig a' bhonn a-nise nas motha, is County cuideachd gun gin de na 11 geamaichean mu dheireach aca a bhuannachadh.

Thuirt Coyle gun do rinn an sgioba aige cus mhearachdan an aghaidh Rangers, ach gun robh e a' smaointinn gur iad an sgioba a b' fheàrr san darna leth.

Bha e cuideachd den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn is Dàibhidh Bates air a làmh a chleachdadh gus oidhirp bho Draper a stad.

Dòchas

Ach tha Coyle fhathast misneachail.

"Tha tòrr gheamaichean air fhàgail is feumaidh sinn sgiobaidhean a tha timcheall oirnnn a chluich dà thuras.

"Nuair a gheibh sinn feadhainn mar Tansey, Davies is Eagles air ais, bidh farpais ann is sgioba mhath.

"Tha e nar làmhan fhèin agus mar a chluich sinn san dàrna leth - ma leanas sinn mar sin - tha sinn a' dol a bhuannachadh geamaichean is nì sinn adhartas", thuirt e.

Bha droch là aig Caley Thistle Disathairne.

Ged a thòisich iad an ìre mhath san Eaglais Bhric, chaidh Jake Mulraney a chur far na pàirce dìreach ro leathach ùine.

Thug ICT an uairsin dà bhreab-peanais seachad san dàrna leth is an Eaglais Bhreac a' soirbheachadh 3-1 air a' cheann thall.

Bidh cothrom aig Caley Thistle sin a chur air an cùlaibh nuair a thig Dùn Dè a dh'Inbhir Nis oidhche Mhàirt ann an Cupa na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo