Duine air a leòn an Inbhir Nis

  • 29 Am Faoilleach 2018
Poilis

Dh'iarr na poilis ann an Inbhir Nis fiosrachadh mu dhuine a chaidh a lorg air an t-sràid sa bhaile is e air a leòn mun cheann.

Fhuaireadh an duine, 22, air Rathad Rosehaugh ann an Ceasag a Deas mu 3.00 madainn Disathairne.

Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir.

Thuirt na poilis gu bheil e mu 5′ 10, caol is le gruag ghoirid dhonn.

Bha geansaidh liath air, dìnichean dorcha is brògan dubha.

Thuirt na poilis gu bheil iad airson faighinn a-mach dè thachair dhan duine, is gum faodadh fiosrachadh sam bith mun chùis a bhith feumail.

Dh'iarr iad air daoine fònadh thuca air 101 (àireamh NN2269/18) no gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile