Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Rinn eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte nas fheàrr na bha dùil anns a' chairteal mu dheireadh do 2017. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do dh'fhàs GDP na dùthcha 0.5% anns na trì mìosan gu deireadh na Dùbhlachd. Thuirt neach-labhairt bhon ONS gur e fàs ann an roinn nan seirbheisean a bh' air cùl an àrdachaidh.

Dòmhnall Trump

Thuirt Dòmhnall Trump gu bheil e deònach leisgeul a thabhann airson a bhith a' postadh bhideoan bhon bhuidhinn Britain First air na meadhanan sòisealta. Thuirt Mgr Trump nach b'aithne dha dad mun bhuidhinn - a tha daingeann an aghaidh Islam - nuair a sgaoil e na teachdaireachdan aca chun an luchd-leantainn aige air Twitter.

Leisgeul

Tha an Daily Mail air leisgeul a thabhann don Phrìomh Mhinistear airson sgeulachd a dh'fhoillsich iad mu a bhith a' taisbeanadh bratach an Aonaidh air togalaichean an Riaghaltais Albannaich. Bha am pàipear air aithris gur e co-dhùnadh Nicola Sturgeon a bh' ann nach bu chòir am bratach a chur an àird ach air Là a' Chuimhneachaidh. Tha iad a-nise air aideachadh gur e Ailig Salmond a dh'atharraich na riaghailtean ann an 2010 às dèidh chòmhraidhean leis a' Bhanrìgh.

Brexit

Thuirt Sràid Downing nach urrainn a ràdh nach tig atharrachadh mòr sam bith air an dàimh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an EU às dèidh Brexit. Bha an Seansalair, Philip Hammond, air ràdh ron seo nach biodh ach atharrachadh gu math beag ann sa chàirdeas. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh an-diugh bho Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davies, mu na dh'iarradh an Riaghaltas bhon ùine eadar-amail, às dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail.

Tubaistean

Tha nighean òg ann an suidheachadh ìosal anns an ospadal ann an Dùn Èideann às dèidh tubaist rathaid ann an Lodainn an Ear. Chaidh an nighean, 11, a leagail le carbad BMW mu 4.00f an-dè ann an Tranent. Tha na poilis airson cluinntinn bho fhianaisichean sam bith a chunnaic dè thachair.

Tha fireanach a chaidh a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid ann am Peairt agus Ceann Rois air caochladh san ospadal. Chaidh Gregory Edgar, 33, à sgìre Àilt, a leòn air an t-seachdain seo chaidh ann an tubaist charbaid air an A926 eadar Àilt agus Blàr Ghobharaidh.

Rathaidean

Thainig rabhadh bhon RAC gu bheil rathaidean Bhreatainn a' sìor a dhol bhuaithe. Tha a' bhuidheann ag ràdh, anns na trì mìosan mu dheireadh do 2017, gum faca iad àrdachadh do 11% anns na bha do chàraichean a' bristeadh sìos às dèidh dhaibh a dhol thairis air tuill san rathad. Thuirt COSLA gu bheil comhairlean ag obrachadh le Riaghaltas na h-Alba airson piseach a thoirt air staid nan rathaidean, ach gu bheil dìth airgid ga dhèanamh nas duiliche dhaibh.