Còmhdhail a' Ghearasdain fon phrosbaig

  • 26 Am Faoilleach 2018
An Gearasdan.

Tha rannsachadh air tòiseachadh air mar bu chòir goireasan còmhdhail ann an sgìre a' Ghearasdain a leasachadh.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann gu h-àraidh mu cho trang 's a tha rathaidean san sgìre.

Nochd gearainean as t-Samhradh 2017 gun robh na rathaidean air an tachdadh is an Gearasdan cho trang ri luchd-turais.

Thuirt feadhainn gun robh an trafaig cho dona aig amannan 's gun robh e a' toirt uair a thìde dhaibh faighinn tron bhaile.

Thathas a' faireachdainn cuideachd gu bheil an leasachadh ùr aig làraich an leaghadair sa bhaile a' cur ri na duilgheadasan a th' ann

Tha grunn bhuidhnean a-nise an lùib sgeama gus fuasgladh a lorg.

Chaidh buidhean-stiùiridh a chur air dòigh le riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd, HITRANS, HIE is Còmhdhail Alba.

Tha iad air a' bhuidheann AECOM fhastadh airson rannsachadh a dhèanamh air an t-suidheachadh.

A bharrachd air na rathaidean, bheir iad sùil air còmhdhail mara is air an rèile san sgìre.

Tha dùil ri aithisg bhuapa as t-Samhradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile