Taighean ùra comhairle air a' Ghàidhealtachd

  • 26 Am Faoilleach 2018
Taigheadas

Dh' fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd am prògram as motha airson taighean comhairle a thogail ann an 25 bliadhna.

Dh' aontaich comhairlichean air Comataidh an t-Sluaigh Diardaoin £23m a chosg air taighean ùra san ath-bhliadhna ionmhais.

Thèid £13m a chosg cuideachd air cuid de na taighean comhairle a th' ann air feadh na sgìre ùrachadh is a leasachadh.

Thuirt an comhairliche Ailig Greumach, a tha na bhall den chomataidh, gu bheil ginealach air a dhol seachad bho chaidh prògram mòr de thaigheadas sòisealta air adhart air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt e gun tèid na taighean ùra a thogail air feadh na sgìre.

"Tha barrachd feum timcheall air Inbhir Nis agus Taobh Sear Rois, sin far a bheil am feum as motha", thuirt an Comh. Greumach.

"Ach tha daoine a tha a' fuireach anns a h-uile ceàrnaidh den Ghàidhealtachd feumach air taighean.

"Tha sin a' ciallachadh gum bi na taighean gu math fad is farsaing", thuirt e.

Dh'aontaich comhairlichean cuideachd ri àrdachadh beag ann am màl nan taighean comhairle aca.

Thuirt a' chomhairle gun tèid am màl suas 0.5%.

'S e àrdachadh de 36sg a bhios ann sa chumantas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile