David Ngog an Inbhir Pheofharain

  • 23 Am Faoilleach 2018
David Ngog Image copyright Getty Images

Dh'innis Ross County gu bheil David Ngog air ainm a chur ri cùmhnant leotha gu deireadh an t-seusain.

Bha am Frangach, 28, mu dheireadh a' cluiche airson Panionios sa Ghrèig.

Tha manaidsear Chounty, Owen Coyle, glè eòlach air Ngog às dèidh dha a cheannach 'son Bolton bho Liverpool 'son £4m ann an 2011.

Thòisich Ngog le PSG is tha e cuideachd air cluiche 'son Swansea is Stade de Reims.

"'S aithne dhomh glè mhath na comasan a th' aig David is tha mi a' smaointinn gun cuir e gu mòr ris na th' againn aig an aghaidh", thuirt Coyle.

'S e Ngog an treas duine a tha County air a thoirt a-steach bho thoiseach na bliadhna.

Bha iad mar thà air Greg Tansey a thoirt air iasad bho Obar Dheathain is Inih Effiong a cheannach bho Woking.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile