Fear a dhìth air Beinn Nibheis

  • 22 Am Faoilleach 2018
Beinn Nibheis Image copyright Mick Garratt/Geograph

Tha fear-coiseachd a dhìth air Beinn Nibheis, agus na Poilis ag ràdh gu bheil aimsir gu math dùbhlannach air a' bheinn.

Rinn Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair cobhair air dithis fhireannach faisg air mullach Beinn Nibheis mu 6:00f Didòmhnaich, an dèidh dha na fir fios a chur orra na bu thràithe air an fheasgar gun robh iad ann an duilgheadas.

Tha an treas fear a bha sa bhuidhinn fhathast a dhìth.

Thug cathadh agus cunnart bho mhaoimtean-sneachda air luchd-teasairginn iomairt airson an duine a thoirt gu stad air an oidhche.

Tha an aimsir air maill a chur orra Diluain is iad ag ràdh gur e iomairt dhoirbh a th' ann.

Tha iad ag iarraidh air luchd-sreap no luchd-coiseachd sam bith aig am faodadh fiosrachadh a bhith fios a chur orra.