Deireadh linn aig SMO

  • 22 Am Faoilleach 2018
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Deireadh linn aig an t-Sabhal Mhòr.

D'innis Sabhal Mòr Ostaig gum fàg Iain Tormod MacLeòid, Iar Phrionnsapal agus Stiùriche an Fhoghlaim, a dhreuchd aig deireadh an Iuchair am-bliadhna.

Tha Mgr MacLeòid air a bhith os cionn an fhoghlaim aig SMO bho 1983.

'S e an neach-obrach as fhaide a th' air a bhith ann ach a-mhàin Cairistiona Primrose, a thòisich bliadhna roimhe sin.

Tha Mgr MacLeòid air ginealaichean de dh'oileanaich a chuideachadh bho thòisich e.

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air an obair a rinn e thar nam bliadhnaichean.

"Cha ghabh luaidh a dhèanamh air na rinn is na choilean Iain Tormod thar 35 bliadhna agus cha ghabh luach a chur air a sheirbheis dhan Cholaiste is dhan chànan", thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Oll. Boyd Robasdan.

"Tha cridhe Iain Thormoid sa Cholaiste agus tha e air a bhith aig cridhe beatha is obair na Colaiste. 'S esan cnàmh-droma na Colaiste agus cha bhi e furasta a shamhail a lorg."

Curaidh

Thuirt Cathraiche a' Bhùird aig SMO, Aonghas MacLeòid, gum bi daoine a' smaointinn air Iain Tormod nuair a chluinneas iad iomradh air Sabhal Mòr Ostaig.

"'S ann fo stiùir a chaidh a h-uile cùrsa a tha air a thabhann leis a' Cholaiste a dhealbhadh is a dhearbhadh. Duine gasta, glic, tuigseach agus dealasach", thuirt Aonghas MacLeòid.

Bha Boyd Robasdan mar-thà air dearbhadh gum bi esan a' leigeil dheth a dhreuchd as t-Samhradh.

Mar sin, bidh atharrachaidhean mòra aig àrd-ìre aig Sabhal Mòr Ostaig.

Dh'aidich Aonghas MacLeòid gu bheil e "doirbh beachdachadh air an t-Sabhal às aonais Iain Thormoid agus Boyd".

"Feumaidh am Bòrd coimhead ri linn ùr dhan t-Sabhal san àm ri teachd. 'S e cothrom a bhios ann dhan ath-ghinealach a bhith a' stiùireadh an leasachaidh ùir a bhios a' leantainn aig a' Cholaiste.

"Bidh sinn a' sireadh dithis a ghabhas os làimh ceannardas na Colaiste, le sgilean is feartan eatarra a bhios freagarrach airson cur ris an obair iomraitich a rinn Iain Tormod agus Boyd airson na Colaiste, agus airson cor na Gàidhlig san fharsaingeachd", thuirt e.