'Dìcheall' na gearraidhean as miosa am foghlam a sheachnadh

  • 22 Am Faoilleach 2018
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a dhèanamh an dìchill seirbheisean foghlaim a shàbhaladh, gu h-àraidh feadhainn do chloinn aig a bheil feumalachdan sònraichte.

Thuirt ceannard buidseat na Comhairle, An Comh. Alasdair MacFhionghain, gu bheil e an dòchas nach tèid gearraidhean mòra a dhèanamh air foghlam.

Thàinig e am follais an t-seachdain seo chaidh gu bheil a' Chomhairle a' beachdachadh air 300 cosnadh a ghearradh san roinn.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gum bi toll luach £25m anns a' bhuidseat aca an ath-bhliadhna.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, nach tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh gus an coinnich an t-ùghdarras air an 15mh den Ghearran.

Riaslach

Mhìnich i cuideachd gun robh i diombach gun deach na dreach-phàipearan a sgaoileadh agus gun robh i a' tuigsinn gum biodh seo a' fàgail luchd-obrach agus choimhearsnachdan ann an suidheachadh riaslach.

Fo na dreach-mholaidhean bhiodh na dreuchdan aig 40 tidsear àrd-sgoile air an gearradh còmhla ri 30 luchd-taic 'son feumalachdan sònraichte.

Agus dh'fhaodadh 227 luchd-taic clas-sgoile an obraichean a chall cuideachd.

Thuirt ceannard buidseat na Comhairle, An Comh. Alasdair MacFhionghain, gum bi an t-ùghdarras a' dèanamh an dichill seirbheisean a shàbhaladh.

"Gu h-àraidh do chloinn aig a bheil feumalachdan sònraichte - 's e dìreach molaidhean a bh' ann is beachdan a bh' ann aig an ìre seo," thuirt e.

Dhearbh a' Chomhairle cuideachd gu bheil iad ag obair le luchd-obrach agus na h-aonaichean gus beachdachadh air farsaingeachd de mholaidhean airson dèiligeadh leis an uireasbhaidh airgid.