Brùra air an dòigh le turas a Chill Mheàrnaig

  • 22 Am Faoilleach 2018
Cupa na h-Alba Image copyright SNS

Thuirt cathraiche Brora Rangers gu bheil iad air bhioran mun taghadh a fhuair iad ann an Cupa na h-Alba.

Às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air East Fife 1-0 Disathairne, chaidh Brùra a thaghadh an aghaidh Chill Mheàrnaig air Pàirce Rugby san ath-chuairt.

Seo a' chiad turas aca anns a' chòigeamh chuairt.

'S e East Fife an dàrna sgioba bho Lìog na h-Alba a tha air call ri Brùra sa chupa air an t-seusan seo, is iad mar-thà air a' chùis a dhèanamh air an t-Sròn Reamhar 1-0.

"Tha sinn air ar dòigh sgioba bhon Phrìomh Lìog fhaighinn", thuirt cathraiche Bhrùra, William Powrie.

"Bhiodh sinn air a bhith toilichte le sgioba sam bith, ach tha seo fìor mhath is tha mi cinnteach gum bi ar manaidsear, Ross Tokely, a' tòiseachadh air an ullachadh aige sa bhad", thuirt e.

Chaidh Brùra air thoiseach tràth ann am Fìobha Disathairne tro Chailean Williamson.

Ged a bha cothroman gu leòr aig East Fife às dèidh sin, sheas Brùra gu làidir is chrìochnaich an geama 1-0.

Gu dearbha, tha Brùra fhathast gun tadhal a chall idir san fharpais air an t-seusan seo.

Bha Màrtainn MacIlleathain à Leòdhas is Scott Greumach às an Eilean Sgitheanach anns an sgioba a bhuannaich ann am Fìobha Disathairne.

Bidh an geama eadar Cill Mheàrnaig is Brùra ann Disathairne an 10mh den Ghearran.