Loidhne rèile dùinte

  • 22 Am Faoilleach 2018
An tubaist Image copyright NetworkRail Scotland

Tha an loidhne rèile eadar Malaig is an Gearasdan dùinte às dèidh do thrèana a dhol far na rèile ann am maoim-slèibhe eadar Àrasaig agus Gleann Fhionnainn.

Thachair an tubaist madainn Diluain.

Thathas a' tuigsinn gun robh seachdnar luchd-siubhail air bòrd is nach deach duine a ghoirteachadh.

Dh'innis Scotrail gun tàinig tunnaichean de sprùilleach a-nuas air an loidhne.

Thuirt iad nach bi an còrr sheirbheisean ann eadar Malaig is an Gearasdan Diluain.

Tha iad air busaichean a chur air dòigh airson luchd-siubhail.

Gheibhear am fiosrachadh às ùire bho Scotrail.

Image copyright Network Rail
Image caption Bha sneachda gu leòr air loidhnichean rèile na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.