Gearraidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 19 Am Faoilleach 2018
Soidhne Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhaodadh 300 obair falbh ann an roinn foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd, a rèir pàipearan a chaidh a sgaoileadh gun chead.

Tha molaidhean ann cuideachd £500,000 a ghearradh bho bhuidseat High Life Highland, a tha a' ruith ionadan spòrs, leabharlannan agus taighean-tasgaidh an ùghdarrais.

Tha na pàipearan a' cur tuilleadh feòla air na cnamhan mu dè a tha san amharc aig a' chomhairle, 's iad ag ràdh gu bheil beàrn de £25.8m ann an ionmhas na h-ath bhliadhna.

Tha a' bhuidheann riaghlaidh de neo-eisimeilich, Libearalaich Dheamocratach agus Làbaraich a' beachdachadh air £3.6m a ghearradh bho bhuidseat an fhoghlaim.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh 300 nas lugha de luchd-obrach ann an sgoiltean na dùthcha.

Mar a chaidh aithris na bu thràithe air an t-seachdain dh'fhalbhadh 40 tidsear ann an àrd-sgoiltean nas motha.

Tha na pàipearan ùr a' sealltainn gur dòcha gun chailleadh 30 luchd-obrach a tha a' toirt taic a bharrachd do chloinn leithid sgoilearan air a bheil autism agus gur dòcha gun deadh cur às cuideachd do dhreuchdan 227 luchd-taic seòmraichean-teagaisg.

Gearraidhean

Tha eagal ann gu bheil am moladh de £500,000 a thoirt far bhuidseat High Life Highland a' ciallachadh gun dùin cuid a dh'ionadan spòrs, leabharlannan agus taighean-tasgaidh.

Dh'fhaodadh gearradh de £200,000 a bhith ann am buidseat Eden Court agus dh'fhaodadh gun tèid taic airgid buidhnean na treas raoinn, leithid Women's Aid, a bhith air a lùghdachadh cuideachd.

Thuirt ceannard na comhairle, Màiread NicDhaibhidh, gu bheil e na bhriseadh dùil mòr dhith gun deach am fiosrachadh a leigeil ma sgaoil agus nach deach co-dhunaidhean deireannach a dhèanamh aig an ìre-sa.

Thuirt i gu robh iad a' dèanamh an dìcheall sàbhalaidhean aig a bhiodh as lugha buaidh air coimhearsnachdan a chomharrachadh, ach gum feumadh iad beachdachadh air na roghainnean air fad agus gum biodh, am measg sin, molaidhean nach còrdadh ri daoine.