Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iasgairean

Tha obair-theasairginn a' dol air adhart 'son dithis iasgairean a tha a dhìth air Loch Fìn ann an Earra Ghaidheal. Chaidh fios air na seirbhisean eiginn mu shia uairean an-raoir gun deach car de an tràlair an Nancy Glen tuath air an Tairbeart agus chaidh cobhair a dhèanamh air aon duine a bh' anns an uisge. Tha bàtaichean teasairginn, maor-chladaich, daibhearan bhon Chabhlach Rìoghail agus bàtaichean-aiseig ChalMac am measg na tha a' coimhead son an dithis a tha air chall.

Sneachda

Tha sneachda agus reothadh a' cur maill air draibhearan an-diugh an rithist gu h-àraid ann am meadhan na h-Alba far an deach dàil mhòr air trafaig sa mhadainn air prìomh rathaidean mar an M8 agus an M74. Tha rabhadh aig Oifis na Sìde air tuilleadh sneachda ann am meadhan agus ann an ceann a deas na h-Alba. Agus an-diugh a-rithist tha sreath sgoiltean dùinte. Bidh fiosrachadh againn an ceart uair mu Bhun sgoil Shleite 'san Eilean Sgitheanach a bhios a' dùnadh tràth an-diugh aig uair feasgar.

Deuchainn aillse

Tha luchd-saidheans ag ràdh gu bheil iad ceum nas fhaisge air ceann-uidhe cho mòr 's th' ann am medicine, deuchainn fala chunbhalach 'son aillse. Tha sgioba aig Oilthigh Johns Hopkins anns na Stàitean Aonaichte ag obair air deuchainn ris an canar, "Cancer Seek" a ni dearbhadh air ochd seòrsa cumanta de dh'aillse.

Cùis lagh

Chaidh fear mu choinneamh an Old Bailey le ceangal bhideo fo chasaid mu oidhirp air bom a chur air an rèile fo thalamh ann an Lunnain. Chaidh Ahmed Hassan, a tha 18 bliadhna a dh'aois, às àicheadh gur esan a chur ri cheile am bom, a rinn leth-spreadhadh aig steisean Parsons Green san t-Sultainn an-uiridh.

Stòras Uibhist

Thuirt ceannard Stòras Uibhist, Iain Paterson, gu bheil iad diombach à fear de na stiùirchean a tha a' cumail a-mach nach eil e a' faighinn ach glè bheag a dh'fhiosrachaidh air obair na companaidh. Tha Rory MacGilleBhrath a' gearan nach eil cead aige, mar stiùiriche, air sealbh fhaighinn air fiosrachadh a bhoineas dhan bhuidheann air fad. Thuirt Iain Paterson gu bheil fiosrachadh fosgailte dhan a h-uile stiùiriche aig Stòras Uibhist a rèir riaghailtean companaidh na Rìoghachd Aonaichte.

Carillion

Chuir Rùnaire a' Ghnothachais, Greg Clark, dìon air an dòigh 'san do làimhsich an riaghaltas suidheachadh na companaidh togail Carillion, a chaidh fodha aig toiseach na seachdainn. Thuirt Mgr Clark gun do rinn an riaghaltas a h-uile dad mar bu chòir cho luath 's a thàinig e am follais gu robh Carillion ann an cunnart.