Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siostam rabhaidh

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yousaf, gum bidh ath-sgrùdadh ann air an t-siostam gus am faigh draibhearan fiosrachadh soilleir, mionaideach mu dhroch shìde, seach mar a thuirt e fhèin, "jargon". Chaidh iarraidh air draibhearan ann an ceann an deas na h-Alba gun siubhal an-raoir, mur a robh fìor adhbhar aca. Ach cha tàinig uimhir de shneachda ris an robh dùil. Thuirt Mgr Yousaf, agus e a' bruidhinn ri Radio Alba an-diugh, gum bidh iad ag ionnsachadh bhon a thachair bho chionn latha no dhà.

Droch shìde

Dh'fhàg gèile ann an Sasainn corr 's 10,000 dachaigh gun dealain ann an Suffolk agus Lincolnshire. Tha poilis ann an Lincolnshire ag iarraidh taic bhon phoball a' gluasad chraobhan a tha a' fàgail rathaidean dùinte. Tha craobhan a thuit a' fàgail rathaidean agus rèile dùinte cuideachd ann an sgìrean eile, Derbyshire, Hampshire agus Surrey nam measg.

Crìochan

Bidh Breatainn a' cur corr 's £40m eile ri tèarainteachd aig crìochan na Frainge agus a' gabhail tuilleadh fhògarrach, gu h-àraidh òigridh gun inbhich a tha a' siubhal còmhla riutha. Thèid an t-aonta fhoillseachadh aig coinneimh an-diugh eadar Theresa May agus Ceann-suidhe na Frainge, Emmanuel Macron, aig ionad-trèanaidh oifigeach an airm, Sandhurst.

Brexit

Theid innse do Thaigh na Morairean an-diugh mun dragh a tha air buill ann am Pàrlamaid na h-Alba mun bhile 'son falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha buill air a' Chomataidh Thar Phàrtaidh airson Bunreachd, na h-Eòrpa agus Cumhachdan Ùghdarraichte ag ràdh gu bheil cunnart ann do bhunreachd na dùthcha mur a h-atharraich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am bile air dhòigh agus gun cuir Pàrlamaid na h-Alba taic ris.

Caoimhinn MacLeòid

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil duine air bruidhinn riutha agus e ag ràdh gu bheil fiosrachadh aige mu bhàs Chaoimhinn MhicLeòid ann an Inbhir Ùige bho chionn 20 bliadhna. Chaidh corp Mhgr MhicLeòid a thoirt às an uisge aig Cala Inbhir Ùige agus thuirt na poilis aig an àm gur e tubaist a bh' ann, ged a tha a theaghlach a' cumail a-mach gun deach a mhurt. Thuirt na poilis gum bidh iad a' bruidhinn ris an duine.

Seirbheisean slàinte

Tha dùil ri aithis aig deireadh a' Ghiblein bhon ath-sgrùdadh, air taobh a-muigh na buidhne, a dh' iarr NHS na Gàidhealtachd air seirbhisean èiginn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar Dheas Rois. Thèid sùil shonraichte a thoirt air am bheil am plana sin a' freagairt air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Cha bhi an t-ath-sgrùdadh sin a' gabhail gnothaich ris a' phlana 'son seirbheisean na sgìre 'san fharsaingeachd, anns am bheil Ospadal ùr anns an Ath-Leathainn.

Stràbhan plastaig

'S i Comhairle nan Eilean Siar a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a sguireas a chleachdadh stràbhan òl plastaig. Chuir tè de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Foirbeis, iomairt air bhonn bho chionn ceala-deug an aghaidh droch bhuaidh nan stràbhan plastaig air an àrainneachd. Leig Comhairle nan Eilean Siar fhaicinn gun sguir iad a chleacdadh stràbhan plastaig anns na sgoiltean agus aig cuirmean comhairle.