Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sneachda

Dh'iarr Ministear na Còmdhail ,Humza Yousaf, a leisgeul a ghabhail, airson ceudan dhaoine a bha fad na na h-oidhche sna càraichean agus iad glacte san t-sneachda air an M74. Tha trafaig a' gluasad gu slaodach a-rithist ann an ceann a deas Shiorrachd Lannraig agus ann an Dùn Phris 's Gall-Ghàidhealaibh, ach tha na Poilis ag ràdh gun toir e ùine mus sgaoil an trafaig, agus tha iad ag iarraidh air draibhearan na h-earrainean sin den rathad a sheachnadh. Tha iad a' dol às àicheadh ge-tà, nach robh na h-ùghdarrasan deiseil airson an t-sneachda.

Tha tuilleadh fhrasan geamhradail an-diugh a' fàgail chùisean doirbh do dhràibhearan ann am mòran sgìrean agus tha sreath sgoiltean dùinte. Nam measg tha Àrd-Sgoil Phort Rìgh far an tàinig air mu 40 sgoilear à ceann a deas an Eilein Sgitheanaich tilleadh, agus fuireach ann am Port Rìgh an-raoir, leis nach fhaigheadh na busaichean aca seachad air far an deach làraidh far prìomh rathad an eilein air Druim nan Cleochd.

Banca Rìoghail na h-Alba

Thèid dithis de cheannardan Banca Rioghail na h-Alba a cheasnachadh anns na Cumantan an-diugh mun cho-dhùnadh 60 banca an Alba a dhùnadh agus 200 air feadh Bhreatainn. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil RBS a' dèanamh dìmeas air sgìrean iomallach agus tha an t-aonadh, Unite, ag ràdh gun do thrèig RBS muinntir na h-Alba.

Carillion

Chaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às àicheadh gu bheil iad a' faire air a' chompanaidh sheirbheisean Interserve, an dèidh do Charillion a' dol fodha Diluain. Thuirt Oifis a' Chaibineit gu bheil sùil mhionaideach aca air ionmhas a h-uile buidheann a tha ag obair dhaibh, agus nach eil gin dhiubh sin san aon shuidheachadh anns an robh Carillion. Chaidh luach earrainnean Interserve sìos mu 15% anns a' mhadainn, ach thog iad orra bhon uair sin.

Brexit

Tha am bile airson falbh às an Aonadh Eòrpach a' cur crìche air a shlighe tro Thaigh nan Cumantan an-diugh. Nì an SNP aon oidhirp eile stad a chur air, ach tha làn-dùil gun tèid e air adhart gu Taigh nam Morairean. Tha fearg ann a-niste gur iad morairean, nach deach a thaghadh, a bhios a' breithneachadh air cuid de chùisean fèin-riaghailte.

Tidsearan air Ghàidhealtachd

Dh'iarr aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, air Comhairle na Gàidhealtachd beachdachadh a-rithist air plana airson suas ri dreuchd 40 tidsear àrd-sgoile a ghearradh, a bharrachd air luchd-taice sna sgoiltean. Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri £25m a chùmhnadh, agus iad ag ràdh nach urrainn dhaibh tuilleadh dìon a chur air foghlam mar a bha iad gu ruige seo.