Sgoiltean dùinte is rathaidean sleamhain

  • 17 Am Faoilleach 2018
Sneachda air rathad

Tha sneachda agus deigh fhathast a' toirt buaidh air rathaidean ann an cuid de sgìrean de dh'Alba Diciadain.

Thàinig air dràibhearan air an M74 an oidhche a chur seachad sna càraichean aca an dèidh do làraidh a bhith ann an tubaist a dhùin an rathad tron oidhche.

San Eilean Sgitheanach thàinig air busaichean-sgoile tionndadh air ais a Phort Rìgh oidhche Mhàirt air sgàth na h-aimsire.

Chaidh rathad an A87 san eilean a dhùnadh fad uairean de thìde às dèidh tubaist làraidh a chaidh adhbharachadh leis an t-sneachda.

Bha na busaichean-sgoile glacte air an rathad.

Air a' cheann thall, thill iad a' Phort Rìgh.

Chuir timcheall air 40 sgoilear an oidhche seachad ann an àiteachan-fuirich eadar-amail.

Chaidh an A87 fhosgladh às ùr timcheall air 8:30f oidhche Mhàirt.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd madainn Diciadain nach fhosgladh grunn sgoiltean, Diciadain, na leanas nam measg:

Bun-Sgoil Charboist; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Drochaid Charra; Bun-Sgoil Chnoc a' Chaolais; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Chnoc na Creige; Bun-Sgoil Dheimhidh; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Deshar; Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain; Bun-Sgoil Dhiùrnais; Bun-Sgoil Eadardain; Àrd-Sgoil Gheàrrloch; Àrd-Sgoil Ghlinn Urchadain; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Bhaile nan Granndach; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Inbhir Gharradh; Àrd-Sgoil Chinn a' Ghiùthsaich; Bun-Sgoil a' Chnoc Bhric (Baile Dhùbhthaich); Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich an Luirg; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich Bhaile a' Mhuilinn; Seann Bhun-Sgoil agus Sgoil-Àraich an Tairbeirt; Bun-Sgoil agus Sgoil-Àraich an Ath Leathainn.

Gheibhear fiosrachadh slàn air Làrach-Lìn Chomhairle na Gàidhealtachd

Tuilleadh air an sgeulachd seo