Rabhadh aimsire air àrdachadh

  • 16 Am Faoilleach 2018
Càraichean san t-sneachda

Tha Oifis na Sìde air rabhadh mun aimsir airson nan làithean ri thighinn àrdachadh bho bhuidhe gu orainds agus sneachda agus deigh ag adhbharachadh dhuiligheadasan do dhràibhearan.

Tha an rabhadh orainds a' còmhdachadh iar-dheas na h-Alba, a' gabhail a-steach phàirtean de mheadhan Alba, bho fheasgar Dimàirt gu madainn Diciadain.

Tha dùil gun èirich a' ghaoth tron là agus gum bi gèilltean anns na h-Eileanan Siar.

Dh'fhaodadh daoine cumhachd an dealain a chall ri linn, agus tha cunnart ann gun tèid milleadh a dhèanamh air togalaichean is eile.

Chì taobh siar is taobh tuath na dùthcha an t-sìde as miosa, le dealanaich is clachan mealain cuideachd air fàire mu thuath.

Thug an sneachda is deigh buaidh air na h-uimhir de rathaidean mòra, nam measg an A9, M9, M80, A720 M77, M74, A7 agus an M73.

Thuirt neach-labhairt airson nam Poileas sna h-Eileanan an Iar gum bu chòir do dhràibhearan a bhith air am faiceall is sneachda a' laighe air na rathaidean.

Tha gaoth mhòr cuideachd a' toirt buaidh air na h-uimhir de sheirbheisean aiseig, nam measg chaidh an t-seirbheis eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil, seòlaidhean eadar Malaig is Loch Baghasdail, agus aiseag Thobar Mhoire, a chur dheth.

Tha fiosrachadh mu sheirbheisean fa-leth ri fhaighinn air làrach-lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn

Tuilleadh air an sgeulachd seo