Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Chaidh an Atmhorachd, a rèir chlàr-cheannaich an CPI, air ais beagan san Dùbhlachd gu 3%. Tha sin sìos bhon ìre as àirde ann an sia bliadhna aig 3.1% anns an t-Samhain. Tha eòlaichean an dòchas gu bheil a' chuid as miosa seachad den àrdachadh a thàinig le luach an Not a' tuiteam.

Carillion

Tha na h-aonaidhean ag iarraidh air an Riaghaltas buidheann-ghnìomha a stèidheachadh mu choinneimh dol fodha na companaidh Carillion. Choinnich ministearan an-raoir a dheasbad mar a thèid seirbheisean poblach a ghlèidheadh. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach cùm iad pàigheadh ach ri luchd-obrach anns an Roinn Phoblaich. Ach tha na h-aonaidhean ag iarraidh ghealltanas mu chosnadh anns an Roinn Phrìobhaidich.

Sneachda

Tha sgoiltean dùinte air feadh Alba an-diugh agus sneachda a' toirt buaidh air rathaidean. Tha faisg air 40 sgoil dùinte ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, 's tha gaoth làidir on iar a' toirt na h-uimhir de bhuaidh air seirbheisean aiseig a' chosta an iar. Tha poilis ann an Siorrachd Dhùn Phris ag iarraidh air dràibhearan gun siubhal mura bheil deagh adhbhar aca.

Balla Sgoile

Chaidh gille, 11 bhliadhna de dh'aois, a thoirt dhan ospadal an dèidh do bhalla tuiteam aig sgoil ann an Obar Dheathain. Chaidh gairm air na seirbheisean èiginn gu Bun-Sgoil an Naomh Eòsaph aig 09:00m, ach tha e coltach nach deach an gille a dhroch ghoirteachadh. Thuirt na Poilis gum bi iad a' bruidhinn ri comhairle a' bhaile, agus ri Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd.

Ionadan Tubaiste agus Èiginn

Chaidh ìre na seirbheis bhuaithe a-rithist aig ionadan tubaiste agus èiginn aig ospadail na h-Alba. Air a' chiad sheachdain den bhliadhna 's e 77.9% de dh'euslaintich ris an deach sealltainn an taobh a-staigh ceithir uairean de thìde. Tha sin air ais bho 78% air an t-seachdain ron sin. 'S e 95% an àireamh air a bheil Riaghaltas na h-Alba ag amas.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd ann an Westminstear an-diugh ag iarraidh air an Riaghaltas cur às do chuid den £200m ann am fiachan taigheadais a th' air a' Chomhairle. Bidh an ceannard, Mairead Davidson, agus ceannard a' bhuidseit, Alasdair MacFhionnghain, a' togail cuideachd air Aonta Baile agus Roinneil Inbhir Nis, agus air buaidh Bhrexit air a' Ghàidhealtachd.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha 27 pròiseact anns an Eilean Sgitheanach ag iarraidh taic-airgid on stòras de £6m a chuir Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh bun-structair turasachd na h-Alba gu lèir. Bha a' chiad choinneamh an-raoir aig buidhinn anns an eilean a tha ag amas air goireasan a leasachadh do luchd-turais.