A9 air a dhùnadh an dèidh tubaiste sneachda

  • 16 Am Faoilleach 2018
Càraichean san t-sneachda

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe fhoillseachadh airson nan làithean ri thighinn agus sneachda agus deigh ag adhbharachadh dhuiligheadasan do dhràibhearan.

Tha dùil gun èirich a' ghaoth tron là agus gum bi gèilltean anns na h-Eileanan Siar.

Chì taobh siar is taobh tuath na dùthcha an t-sìde as miosa, le dealanaich is clachan mealain cuideachd air fàire mu thuath.

Tha an sneachda mar thà air duiligheadasan adhbharachadh do dhràibhearan, leis an A9 air a dhùnadh aig Dail Chuinnidh às dèidh tubaiste le làraidh faisg air na geataichean sneachda.

Thuirt neach-labhairt airson nam Poileas sna h-Eileanan an Iar gum bu chòir do dhràibhearan a bhith air am faiceall is sneachda a' laighe air na rathaidean.

Air sgàth gaoith làidir cha bhith seòlaidhean ann Dimàirt eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo