Flù a' dùnadh Ospadail an Ath Leathainn

  • 16 Am Faoilleach 2018
Ospadal an Ath Leathainn

Chaidh Ospadal an Ath Leathainn anns an Eilean Sgitheanach a dhùnadh do dh'euslaintich ùra agus am flù air cuid de na h-euslaintich a th' anns an ospadal cheanna.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil am flù dearbhte ann an dithis euslainteach, agus gu bheil seachdnar eile a' fulang le comharran sgamhain.

Thathas ag iarraidh air luchd-tadhail gun a dhol dhan ospadal, ach thuirt iad gu bheil luchd-obrach deònach gu leòr bruidhinn air a' fòn ri daoine a tha airson fios fhaighinn mu an luchd-dàimh a tha san ospadal.

Tha flù a' toirt buaidh air grunn ospadal air feadh na dùthcha, agus luchd-tadhail air an casg.

Nam measg tha Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thug Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd sùil eile air a' chùis Diluain, agus thàinig iad gu co-dhùnadh iarraidh air luchd-tadhail cumail air falbh.

Ach thuirt iad gu bheil iad mothachail gun toir seo droch bhuaidh air cuid de dh'euslantich, agus le aonta bhon phrìomh bhanaltraim anns an uard, gheibh aon neach-tadhail a-steach thucasan.