Iarrtas gun tèid cur às do fhiachan taigheadais

  • 16 Am Faoilleach 2018
Abhainn Nis Image copyright Geograph/David Dixon
Image caption Thèid togail air Aonta Baile Inbhir Nis agus Sgìre na Gàidhealtachd aig tè de na coinneamhan.

Tha riochdairean Comhairle na Gàidhealtachd ann an Westminster Dimàirt ag iarraidh air an Riaghaltas cur às do na milleanan Notaichean ann am fiachan taigheadais.

Bidh an ceannard, Mairead Davidson, agus ceannard a' bhuidseit, Alasdair MacFhionghain, a' togail cuideachd air Aonta Baile Inbhir Nis agus Sgìre na Gàidhealtachd, am measg eile.

Coinnichidh a' Bh-Ph. Davidson agus Mgr MacFhionghain ri Rùnaire an Ionmhais, Iain Glen, cuide ri Ball-Pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar, Iain Blackford, airson an coiteachadh iasad le ìre rèidh nas saoire a thoirt dhaibh air na fiachan taigheadais aca, a tha an-dràsta aig corr is £200m.

Thàinig tòrr na de na fiachan bho sheann chomhairlean sgìreil nuair a chaidh crìochan nan ùghdarrasan ionadail atharrachadh sna 1990an.

Tha cuibhreann dheth cuideachd a' buntainn ri iasadan a chaidh a chleachdadh airson taigheadas comhairle a thogail agus a leasachadh.

Dòchasach

Thuirt an Comh. MacFhionghain gun robh e dòchasach gun tachradh rudeigin.

"Tha iad ag iarraidh coinneamh a bhith ann sa mhadainn agus tha sinn uabhasach toilichte gu bheil sinn aig an ìre a tha seo an-dràsta.

"'S e coinneamh gu math fada a bhios ann ach tha sinn dòchasach gun èist iad agus gun toir iad cuideachadh dhuinn," thuirt e.

Coinnichidh iad cuideachd ri Fo-Rùnaire na Stàite 'son Alba, Iain Duncan, far am bi iad a' bruidhinn mu Aonta Baile Inbhir Nis agus Sgìre na Gàidhealtachd.

Tha dùil gun tèid togail cuideachd air buaidh Bhrexit air a' Ghàidhealtachd, taic airson turasachd agus ceangalan bainn-leathainn san sgìre.