Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Carillion

Gheall Riaghaltas na Rìoghachd aonaichte gum faigh luchd-obrach a tha ag obair dhan chompanaidh mhòir Carillion anns na seirbheisean poblach am pàigheadh ged a chaidh a' bhuidheann fodha. Tha fiachan de £1.5bn air Carillion, a chaidh fodha sa mhadainn an-diugh an dèidh dha faileachadh air còmhraidhean aig ìre riaghaltais airson a' bhuidheann a ghlèidheadh.

Brexit

Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, pàipear an-diugh anns a bheil beachd air buaidh Bhrexit air Alba. Tha an aithisg a' tomhas na cosgais do dh'Alba ann a bhith a' fàgail na margaidh singilte le aonta malairt, agus le falbh às aonais sin. Tha an aithisg ag ràdh gum faodadh eaconomaidh na h-Alba a bhith faisg air £13bn nas miosa dheth le Brexit Cruaidh. Thuirt neach-labhairt do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad ag obair air an aonta as fheàrr fhaighinn do Bhreatainn gu lèir.

UKIP

Thuirt ceannard UKIP, Henry Bolton, gun do dhealaich e ri Jo Marney, an tè a rinn dìmeas cinnidh air Meghan Markle a thug gealladh pòsaidh dhan Phrionnsa Harry. Thuirt Mgr Bolton nach robh a chàirdeas ri Ms Marney a' tighinn a rèir a dhreuchd mar cheannard air UKIP, ged a tha e a' diùltadh an obair sin fhàgail mar a tha feadhainn ag iarraidh air a dhèanamh.

Aodion Ola

Tha aodion ola sa bheil deich mìle de dh'fhaid air uachdar na mara far chosta Shìona far an deach tancair fodha an t-seachdain seo chaidh. Bha an soitheach na teine airson còrr is seachdain mus do bhris i às a chèile an dèidh spreadhadh. Tha dragh ann gun dèan an ola sgrios air an àrainneachd.

An t-Eilean Sgitheanach

Bhiodh an t-Eilean Sgitheanach gu math nas fheàrr dheth fo ùghdarras Chomhairle nan Eilean Siar a rèir Ruairidh Mhoirich, a bha na Iar-Neach-Gairm air a' chomhairle sin, agus a tha a-niste na chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Shlèite. Tha gearainean ann gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ro mhòr, agus gu bheil sgìrean iomallach a' fulang leis an dreach a th' air an ùghdarras. Tha Ruairidh Moireach ag ràdh gun fhiach coimhead air gluasad gu ùghdarras a tha os cionn sgìrean a tha nas coltaiche ris an Eilean Sgitheanach.

Buidseat Geamraidh Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd £500,000 mar thà os cionn na bha sa bhuidseat airson rathaidean a ghlanadh agus salainn a chur orra air a' Gheamhradh seo. Tha seo an dèidh rabhadh an t-seachdain seo chaidh gu bheil toll de £25m ann an cunntasan an ùghdarrais.