Ùghdarras thairis air a' bhuidseat gheamhraidh

  • 15 Am Faoilleach 2018
Làraidhean saillaidh Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air a dhol thairis air a' bhuidseat gheamhraidh aca mar thà.

Le dùil ri tuilleadh sneachda an t-seachdain seo, agus dà mhios ann chun an Earraich, tha fìor dhragh ann gur ann nas motha a dh'fhàsas an toll sa bhuidseat.

Ged a tha iad ag ràdh gu bheil salainn gu leòr aca, tha iad gann de dh'airgead.

Dh'innis iad gu bheil am buidseat airson na rathaidean a shailleadh co-dhiù £500,000 thairis.

Thuirt Cathraiche Comataidh na h-Àrainneachd, Ailean MacEanraig, gu bheil dragh air gun leudaich a' bheàrn sa bhuidseat.

Dh'innis an Comh. MacEanraig, gun robh mòran den luchd-obrach ag obair tron oidhche agus aig deireadh na seachdain agus ri linn sin a' faighinn airgid a bharrachd.

Thuirt e cuideachd gu bheil na rathaidean ann an staid cho truagh 's a chunnaic e a-riamh, agus gum feum an t-ùghdarras ionadail dèiligeadh ri sin as t-Earrach.