Bàs flù air Ghàidhealtachd

  • 12 Am Faoilleach 2018
Bethany Walker Image copyright Bethany Walker family

Tha deugaire à taobh siar Rois air bàsachadh san ospadal an deidh dhi a bhith a' fulang leis a' flù.

Bha Bethany Walker, 18, às a' Chomraich, air a bhith a' fulaing leis a' bhìoras aig an taigh mus tàinig an greim oirre.

Chaidh a togail a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis far an do bhàsaich i Dihaoine seo chaidh.

Thuirt Àrd-Sgoil a' Phluic gun robh i na h-oileanach còir, coibhneil agus tàlantach.

Dh'fhàg Bethany an sgoil as t-Samhradh seo chaidh, agus bha i an teis-meadhain bliadhna dheth mus tòisicheadh i cùrsa beanas-glùine ann an Obar Dheathain.

Thàinig an naidheachd agus figearan oifigeil a' dearbhadh gun do dhùblaich an àireamh de chùisean flù ann an Alba air an t-seachdain mu dheireadh.

Tha ochdnar den 53 neach a fhuair cobhair ann an ionadan dian-chùraim an Alba sa chola-deug mu dheireadh air bàsachadh, ged a tha oifigich ag ràdh gur dòcha gun robh trioblaidean slàinte eile aca a thuilleadh air a' flù, agus gu bheil an àireamh a bhàsaich cuimseach ìosal.

Tha ospadail ann an Sasainn cuideachd air ìrean gu math àrd de dh'euslaintich flù fhaicinn, a rèir fhigearan bho Shlàinte Phoblach Shasainn.

Dh'èirich an àireamh chùisean a thugadh gu aire dhotairean air an t-seachdain a dh'fhalbh - 78% suas air an t-seachdain roimhe - a' fàgail gum faodadh gur e seo an seusan flù as miosa airson seachd bliadhna.