GMB a' càineadh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd

  • 11 Am Faoilleach 2018
Raigmore

Tha aonadh an GMB air a bhith a' càineach phlanaichean a dh'fhaodadh an àireamh de dhreuchdan tèarainteachd aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis a ghearradh.

Tha NHS na Gàidhealtachd an-dràsta a' dèanamh ath-sgrùdaidh air tèarainteachd agus thuirt iad gu bheil cùisean aig ìre thràth.

Sgrìobh Bòrd na Slàinte gu luchd-obrach mu atharrachaidhean a dh'fhaodadh iad a chur an sàs ann an uairean obrach dhaoine.

Tha manaidsearan a' cumail a-mach nach eil cùisean trang gu leòr airson dithis oifigearan a bhith ag obair tron oidhche.

Thathar a-nise a' moladh dìreach aon oifigear a bhith ag obair air an oidhche agus dheadh uairean a ghearradh bho 12 uairean gu 7.5.

Tha an GMB ag ràdh nach eil fìrinn sam bith ann nach eil luchd-obrach trang.

Bha 596 cùis de dhol a-mach mì-iomchaidh neo le fòirneart aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an-uiridh.

Baileat

Tha an t-aonadh a-nise a' moladh baileat a chumail air, 's math dh'fhaoite iomairt obrach a thòiseachadh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad aig "fìor thoiseach" ath-sgrùdaidh air a' chuspair agus gun robh iad air comhairle a ghabhail bho roinn ghoireasan daonna agus àrd-mhanaidsearan na sgioba aca.

Thuirt iad nach deach càil aontachadh, agus gun robh co-chomhairleachadh leis an luchd-obrach a' tòiseachadh nas fhaide air adhart air a' mhìos.