Na h-Ainmean Gàidhealach a th' air Màrs

  • 11 Am Faoilleach 2018
Image copyright NASA / JPL-Caltech / MSSS / Séan Doran
Image caption Beinn Sharp bho Bhearradh Vera Rubin

Tha ainmean Gàidhealach air sgapadh fad is farsaing a-nuas tro na bliadhnaichean. Thug na h-eilthirich leotha iad a thìrean fad às, ach cha robh eilthireach a-riamh cho fada air falbh 's a tha cuid de dh'ainmean àite na Gàidhealtachd a-nis. Tha iad ann an Gale Crater, ann an àrainn Bheinn Sharp, air uachdar Mhàrs.

Bho dheireadh 2017, tha Deuchainn-lann Saidheansail Mhàrs, nas aithnichte mar "Curiosity", air a bhith ann an sgìre den cheathramh planaid air a bheil "Torridon" 's a tha timcheall air mìle ceàrnagach.

Chan e tuiteamas a th' ann a bharrachd.

Gleann Eilg

Tha Gàidhealtachd Mhàrs stèidhichte.

Ann an 2012, goirid an dèidh do Churiosity Màrs a ruighinn (ann an dòigh iongantach anns an robh crann-togail le cumhachd rocaid an sàs), chaidh i seachad air bearradh air an deach "Gleann Eilg" a thoirt.

"Glenelg" - na chumadh Beurla ann an da-rìribh, air ainmeachadh air sgìre creige an iar-thuath Chanada - gu ìre ri linn 's gur e palindrome a th' anns an fhacal, agus gun robh Curiosity a' tadhal ann air an rathad a-mach 's air an rathad a-steach a-rithist.

Ge-tà, 's e ainm Gàidhealach a bh' ann bho thùs, 's mar sin, chaidh cuirmean 's eile a chumail sa bhaile airson a chomharrachadh.

Tha soighne a' bhaile a' toirt fa-near a-nis cuideachd, a' cheangail eadar-planaidich aca.

Mòr-Ghàidhealtachd Mhàrs

Tha a-nis sgìre mhòr de Ghàidhealtachd air uachdar Mhàrs ge-tà.

Tha sgioba Curiosity an-còmhnaidh a' sireadh ainmean bho àitean air thalamh a tha ainmeil no cudromach a thaobh creag-eòlais, agus tha Toirbheartan a' freagairt air sin, gun teagamh.

Tha a' chlach-ghainmich ann milleanan bhliadhnaichean de dh'aois, agus i am measg a' chuid as sine san Rìoghachd.

A rèir an Oll. Iain Bridges bho Oilthigh Leicester, a tha na bhall de sgioba saidheans Curiosity, bha iad airson àite ann an Alba a thaghadh leis gur ann anns an dùthaich a thòisich saidheans creag-eòlais le Seumas Hutton.

Thuirt e gu bheil na creagan ann an Toirbheartan na h-Alba nam fior dheagh shamhla - "analagous" - ris na thathas a' faicinn san sgìre seo de Mhàrs.

Mar a tha na cùisean seo ag obair, aon uair 's gu bheil mòr-sgìre mar sin air ainmeachadh, tha ainmean bhon aon sgìre gan toirt air nithean a tha am broinn a chrìochan.

Mapa de Mhàrs Image copyright NASA / JPL / UA / Phil Stooke
Image caption Màpa le ainmean Gàidhealach 's Albannach air Màrs

'S e sin a tha a' fàgail gu bheil a-nis, air uachdar a' Phlanaid Dheirg, an t-Òban, Colla, Tàlaisgeir, Bodach an Stòrr, Lios Mòr agus eile.

Tha meud nan nithean a th' air an ainmeachadh measgaichte. Cuid dhiubh 's e bearraidhean creige an ìre mhath mòr a bhios annta. Ach faodaidh creagan - clachan a tha an ìre mhath beag - ainmean fhaighinn ma tha iad a' togail ùidh an luchd-saidheans.

Sgrùdadh

Tha Emily Lakdawalla, àrd-dheasaiche Chomann na Planaideachd, a th' air blog a sgrìobhadh mun chùis, fìor eòlach air an obair a tha Curiosity a' dèanamh air Màrs. Gu dearbha, tha i air leabhar a sgrìobhadh air mar a tha an carbad ag obair.

Mhìnich i gu bheil e cudromach ainmean air Màrs a bhith stèidhichte air ainmean air thalamh leis gu bheil e a' dèanamh ceangail, agus thug i fa-near gu bheil ainmean bho air feadh an t-saoghail gan cleachdadh le sgioba a' charbaid.

Oir 's e iomart mhòr eadar-nàiseanta a th' ann an Curiosity le uidheaman 's luchd-saidheans bho air feadh an t-saoghail an sàs ann.

Ach, dè thathas air lorg chun a seo ann an Torridon...?

"Uill, tha e rudeigin tràth a ràdh dè dìreach a chaidh a lorg,", thuirt Emily Lakdawalla, "ach tha corra rud inntinneach ann. 'S e aon dhiubh gu bheil stoban beaga 'cool' anns na creagan, mar criostalan beaga a tha ao-coltach ri càil a chunnaic mi ron seo air an robh Curiosity a' coimhead. Chan eil fhios 'am cò às a tha iad air an dèanamh, ach chan eil rian nach fhaigh sinn a-mach aig coinneimh shaidheans a tha ri teachd."

Mhìnich i gu bheil mòran de na nithean air a bheileas ag amas, gan comharrachadh an toiseach leis an t-saideal Mars Reconnaissance Orbiter a tha a' cuairteachadh na planaid. Tha sin cho cumhachdach 's gun dèan e dealbh soilleir de rud air a' ghrunnd a tha cho beag ri 25 ceudameatar - mun aon mheud ri do chois.

Bliadhna

Tha uimhir ri sgrùdadh ann an Torridon, 's gur dòcha gum bi Curiosity ann a' chòrr den bhliadhna agus 's dòcha nas fhaide, a rèir an Ollaimh Bridges.

Ach mhìnich e gu bheil sin glè dhoirbh a thomhas, leis gum bi e a rèir 's na thèid a lorg ann.

Tha sin ri fhaicinn, ach tha coltas cuideachd gum bi na h-ainmean Gàidhealach ann am Màrs ùine mhòr fhathast.

Na còraichean uile glèidhte.