"Fàgaibh clàran ola sa mhuir"

  • 10 Am Faoilleach 2018

Bu chòir seann chlàran ola agus gas a' Chuain a Tuath a ghlanadh, 's fhàgail far a bheil iad, seach an toirt gu tìr, a rèir eòlaiche aig Oilthigh Obar Dheathain.

Ann an litir chun na buidhne sgrùdaidh Options for Scotland, tha Tom Baxter ag ràdh gum faodadh na clàran a bhith nan àrainn do chreutairean mara nuair a thuiteas iad aig a' cheann thall.

Tha WWF Alba a' cur an aghaidh a' mholaidh.

Tha Riaghaltas na RA a' coimhead ri roghainnean air a' chùis, ach tha iad ag ràdh gum feumar a dhèanamh a rèir uallaichean eadar-nàiseanta.