Tansey gu County

Dhearbh Ross County gu bheil iad air Greg Tansey a thoirt air iasad bho Obar Dheathain gu deireadh an t-seusain.
Bha dà speal aig Tansey, 29, le Caley Thistle is bha e na phàirt den sgioba a bhuannaich Cupa na h-Alba ann an 2015.
Ghluais e a dh'Obar Dheathain as t-Samhradh 2017 ach cha do chluich e geama bho dheireadh na Samhna.
Tha e a-nise a' tilleadh chun na Gàidhealtachd.
Thuirt manaidsear Chounty, Owen Coyle, gu bheil e air a dhòigh.
"'S e cluicheadair le tàlant is eòlas a th' ann an Greg", thuirt Coyle.
"Tha e air a bhith aig àrd-ìre sa Phrìomh Lìog 'son grunn bhliadhnaichean is tha mi air bhioran a bhith ag obair còmhla ris", thuirt e.
Bidh e an ath-gheama aig County air an 20mh den mhìos an aghaidh Chill Mheàrnaig ann an Cupa na h-Alba.