Ceistean a' leantainn mu Ionad Spòrs Inbhir Nis

  • 9 Am Faoilleach 2018
Pàirc a' Bhucht Image copyright Graham Hogg / Geograph

Thàinig rabhadh bho chuid a tha a' cur taic ri mòr-ionad spòrs do sgìre na Gàidhealtachd gum faodadh a' phròiseict tuiteam às a chèile.

Tha iad ag ràdh gum feum a' phròiseict a bhith an lùib phlana chalpa Comhairle na Gàidhealtachd 'son na h-ath chòig bliadhna.

Ach thuirt comhairliche às an sgìre gu bheil a h-uile coltas ann gum bi prìomhachasan eile ann.

Bhiodh an t-ionad, a chosgadh còrr is £20m, stèidhichte ann am Pàirc a' Bhucht an Inbhir Nis.

Bhiodh goireasan ann 'son leithid rothaireachd, giomnastachd, lùth-chleasachd, judo is teanas.

A rèir a' charthannais rothaireachd Hivelo, thèid tairgse de £7m bho SpòrsAlba agus taic Eòrpach a chall mura a h-eil an leasachadh an lùib phlana chalpa na Comhairle.

Tha coltas ann ge-tà, gum bi comhairlichean airson airgead a chosg air gnothaichean eile.

"Prìomhachas"

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi a h-uile comhairliche a' coimhead ri dè na rudan a tha iad fhèin a' smaoineachadh a tha nam prìomhachasan, chan ann a-mhàin anns na sgìrean aca fhèin ach cuideachd dha Comhairle na Gàidhealtachd air fad agus dhan choimhearsnachd anns na fharsaingeachd", thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach.

'S ann san sgìre aig a' Chomh. Greumach a bhiodh an leasachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi tòrr de na comhairlichean, chanainn, a' tòiseachadh a' cantainn riutha fhèin, 's e na rudan as cudromaiche dhuinne ann an suidheachadh far a bheil am prògram seo gu bhith nas teanna na bha dùil againn, rudan mar sgoiltean, rathaidean is drochaidean.

"Tha goireasan spòrs am measg rudan a bhios air an liosta aig feadhainn de na comhairlichean tha mi cinnteach às, ach chanainn gum biodh a' mhòr-chuid a' coimhead ri seo is a' cantainn gu bheil èiginn mhòr againn le sgoiltean sa Ghàidhealtachd, feumaidh sin a bhith gu math àrd air an liosta, tha na rathaidean ann an droch staid is tha fìor fheum againn air rathaidean nas fheàrr", thuirt e.

Bidh coinneamh buidseit aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile