Moladh bho Robasdan dha leas-rèitire

  • 8 Am Faoilleach 2018
St Mirren ICT Image copyright SNS
Image caption An e tadhal a bh' ann?

Rinn manaidsear Chaley Thistle moladh air leas-rèitire a dhiùlt tadhal dhan sgioba Disathairne.

Chaill Inbhir Nis 1-0 ri St Mirren ann am Pàislig, ged a bha iad cinnteach às gun robh oidhirp bho Liam Polworth san dàrna leth seachad air an loidhne.

Cho-dhùin an leas-rèitire, Sean Carr, nach b' urrainn dha riaghladh gur e tadhal a bh' ann.

Bha Carr aig teas-mheadhain connspaid mar-thà am-bliadhna nuair a dhiùlt e tadhal do Hibs an aghaidh Hearts is a h-uile coltas ann gun robh am ball tarsainn air an loidhne.

Ach an turas seo, rinn Iain Robasdan moladh air.

"Tha na balaich againn cinnteach às gur e tadhal a bh' ann, ach rinn an leas-rèitire an rud ceart", thuirt Robasdan.

"Chan eil sinn airson is gun dèan iad tomas, is cha do rinn e tomhas. Thuirt e nach robh fios aige.

Image copyright SNS
Image caption Dàibhidh Raven sa gheama mu dheireadh do Chaley Thistle.

"Ged a tha e cruaidh oirrn, rinn e an rud ceart", thuirt e.

Bha buille eile ann do dh'ICT is Nathan Austin, a tha dìreach air tighinn thuca bhon Eaglais Bhric, a' dol far na pàirce is e air a ghoirteachadh.

Dh'fhàg an cluba cuideachd soraidh slàn aig Dàibhidh Raven, a chluich an geama mu dheireadh aige do dh'Inbhir Nis Disathairne.

Tha Raven a' tilleadh gu deas is e air faileachadh air a' chluba aonta a dhèanamh leis mu chùmhnant ùr.

"Bha e follaiseach bhon taic a thug an luchd-leantainn againn dha Dàibhidh am meas a th' aca dha", thuirt cathraiche ICT, Graham Rae.

"Thug e 100% gach geama a chluich e is bha an-còmhnaidh ùine aige dhan luchd-leantainn.

"Bidh cuimhne againn gu sìorraidh air an tadhal aige a rinn a' chùis air Celtic 3-2 ann an Cupa na h-Alba is a chuidich sinn eachdraidh a dhèanamh le cupa nàiseanta a thogail aig Hampden.

"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha san àm ri teachd", thuirt e.