Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Caibineat

Tha dùil gun toir Theresa May na h-uimhir de dh'atharrachadh air a' Chaibineat an-diugh, leis na gluasadan as motha bho ghabh i dreuchd a' Phrìomhaire bho chionn 18 mìosan. Tha dùil gum fuirich an Seansalair Philip Hammond, Rùnaire nan Dùthchannan Cèine Boris Johnson, Rùnaire na Dùthcha Amber Rudd, agus Rùnaire Brexit Dàibhidh Davis anns na dreuchdan sin, ach tha e coltach gum bi am Prìomhaire ag ainmeachadh cuideigin an àite Damian Green a chaill a dhreuchd mar Chiad Rùnaire na Stàite. Tha aithrisean ann cuideachd gun tèid ministear a stèidheachadh mu choinneimh ma 's e 's gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach gun aonta.

Nicola Sturgeon

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba nach e poileasaidh an SNP a bhith ag iarraidh an dàrna referendum air an EU, ach thuirt Nicola Sturgeon, agus i a' bruidhinn ris a' BhBC an-diugh, gur dòcha gum feumar cothrom a thoirt dhan t-sluagh bhòtadh air ge b' e dè an co-dhùnadh a bhios ann. Dh'iarr Ms Sturgeon cuideachd a leisgeul a ghabhail ma bha euslaintich a' feitheamh ùine ri sealltainn riutha, no nach d' fhuair iad an cùram ris am biodh dùil bhon NHS air a' Gheamhradh seo. Thuirt i gu bheil an NHS a' dèiligeadh ris a' chuideam a th' air seirbheis na slàinte, ged a tha maill air obair-lannsa airson ùine.

Nigel Farage

Tha seann cheannard UKIP, Nigel Farage, a' coinneachadh ri àrd-bharganaiche a' Chomisein Eòrpaich airson Brexit, Michel Barnier, an-diugh. Tha Mgr Farage ag ràdh gun do dh'iarr e a' choinneamh, oir nach eil, na bheachd-san, duine a' toirt feairt air faisg air 17.5m de shluagh Bhreatainn a bhòt airson falbh às an Aonadh Eòrpach.

Aontaidhean Baile

Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gum feumar dèiligeadh ri laigsean ann an aontaidhean baile agus roinne na h-Alba. Tha Comataidh nan Ùghdarrasan Ionadail aig Holyrood ag ràdh gum feumar barrachd èisteachd a thoirt do choimhearsnachdan san dòigh anns an tèid airgead a chosg, agus nach bu chòir nas motha dìochuimhneachadh mu sgìrean iomallach.

An Lanntair

Bidh ionad ealain An Lanntair ann an Steòrnabhagh a' fosgladh aon shàbaid gach mìos airson trì mìosan a thomhas a bheil iarrtas ann. Thuirt an t-Urr. Seumas MacÌomhair, bhon Eaglais Shaoir, gu bheil esan tàmailteach nach do bhruidhinn An Lanntair ris na h-eaglaisean ron cho-dhùnadh.

Microlite

Tha rannsachadh a' dol air adhart faisg air Sruighlea an dèidh aithrisean gun deach itealan microlite sìos ann an coille an sin an-dè. Thuirt dithis gum faca iadsan an t-itealan a' teàrnadh faisg air rathad an M80 aig Camas a' Bharain feasgar an-dè.