Rabhadh mu chall-ionmhais aig Loganair

  • 4 Am Faoilleach 2018
Plèana Loganair Image copyright Loganair

Thuirt a' chompanaidh-adhair Loganair gu bheil dùil aca gun dèan iad call sa bhliadhna-ionmhais seo ri linn nan cosgaisean a thàinig orra agus an cùmhnant aca le Flybe a' tighinn gu ceann.

Thuirt iad gur e na cosgaisean co-cheangailte ri suaicheantas ùr agus a bhith a' cur air dòigh chùmhnantan ùra as coireach.

Dh'innis iad cuideachd gun robh iad air ceumanan a ghabhail gus dìon a chur air a' phrògram aca gus airgead a chosg air a' chompanaidh.

Nam measg sin tha iasad de £3m bho luchd-earrannan.

Sgaradh

Tha Loganair a' fithealadh 40 slighe air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Poblachd na h-Èireann agus ann an Nirribhidh, agus am measg sin tha seirbheisean riatanach eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr na h-Alba.

Sguir Loganair a' sgèith fo bhrataich Flybe san t-Sultain. Thuirt Flybe nach deach an cùmhnant eatorra ùrachadh leis nach deach aca air aonta a ruighinn mu ghnothaichean coimearsalta agus dòighean air seirbheisean a ruith.

Chaidh Flybe an uairsin ann an co-bhann le Eastern Airways airson seirbheisean a chur air cuid de na slighean trang eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.

Tha iad mar-thà air seirbheisean Shealtainn a leigeil seachad.

Tha Loganair ag ràdh gun tàinig orra siostam thiocaidean ùr agus làrach-lìn ùr airson tiocaidean a chur air dòigh ri linn an sgaraidh.

Stèidhich iad ionad-fiosrachaidh do luchd-cleachdaidh aig Port-Adhair Ghlaschu cuideachd.

Soirbheachas

Thuit prothaidean ro-chìsean Loganair airson na bliadhna gu ruige deireadh a' Mhàirt 2017 11% gu £3m.

Ach bha àrdachadh de 8% ann an teachd a-steach na companaidh gu £103m agus dh'èirich an àireamh de luchd-siubhail 8.6% gu 765,091 - an àireamh às àirde a-riamh.

Dh'fhàs iad nas fheàrr cuideachd air a bhith a' cumail ris an uair, le 80% de na seirbheisean aca a' fàgail taobh a-staigh 15 mionaidean bhon àm a bha còir.

Fhuair a' chompanaidh cùmhnant ùr còig bliadhna leis a' Phost Rìoghail agus fhuair iad cuideachd cùmhnantan ùra le companaidhean gas agus ola, a' cleachdadh ionad Loganair ann an Sumburgh.

Thuirt an t-àrd-stiùiriche, Ionatan Hinkles, gun do shoirbhich leotha ann a bhith a' gluasad bho a bhith ag obair còmhla ri companaidh eile gu a bhith ag obair air an ceann fhèin.

"Tha sinn air aonta a bh' againn roimhe le British Airways a stèidheachadh a-rithist, a tha a' ceangal an luchd-siubhail againn ri seirbheisean-adhair eile, agus tha aonta againn le Easyjet a tha a' ciallachadh gun urrainn dha na seirbheisean againne a bhith air an sanasachd air an làraich-lìn acasan," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo