£97,000 do dh'Ionad Chaluim Chille Ìle

  • 4 Am Faoilleach 2018
Ionad Chaluim Chille Ìle Image copyright Becky Williamson/Geograph

Tha ionad foghlaim agus dualchais cultarail na Gàidhlig ann an Ìle air £97,000 de mhaoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig.

Bheir am maoineachadh cothrom do dh'Ionad Chaluim Chille Ìle leasachadh a thoirt air an t-seòmar tràth-bhliadhnaichean agus òigridh, a thuilleadh air goireasan sinnsearachd agus dualchais a chruthachadh.

Thèid cuideachd siostam teasachaidh ùr, a bhios nas èifeachdaiche, a chur an sàs san togalach.

Thèid teicneòlas ionnsachaidh didseatach ùr a cheannach cuideachd, le bathar-bog agus aplacaidean sa Ghàidhlig a chuidicheas sgoilearan de gach aois an Ìle, agus oileanaich aig astar air feadh Earra-Ghàidheal agus tro lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI).

"Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba gus ginealach ùr de luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh," thuirt Leas-Phrìomh-Mhinistear agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean, Iain Swinney.

"Tha againn ri barrachd chothroman a chruthachadh ann am foghlam tron Ghàidhlig, bho na tràth-bhliadhnaichean air adhart, mar phrìomh phàirt den dleastanas seo.

"Tha mi toilichte am maoineachadh seo a thoirt seachad, airson barrachd taic a thoirt do dh'ionad coimhearsnachd a tha air a bhith air leth soirbheachail.

Bheir e sochairean foghlaim agus eaconomach dhan sgìre agus cuidichidh e leis an iarrtas a tha a' sìor fhàs airson foghlam cànain is cultair na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd."

Dh'fhosgail an t-ionad ann an 2002 mar àite airson daoine de gach aois bho choimhearsnachd Ìle agus nas fharsainge blas fhaighinn de chànan, dualchas is cultar na Gàidhlig tro chlasaichean, cùrsaichean, tachartasan agus taisbeanaidhean.

"Às leth Ionad Chaluim Chille Ìle, tha mi airson a ràdh cho taingeil 's a tha mi airson an tabhartais fheumail seo," thuirt Cathraiche Ionad Chaluim Chille Ìle, Catriona NicIain.

"Nì e diofar mòr dhan Ionad againn an leasachadh mòr seo fhaighinn dha ar goireasan, a bheir dhuinn an cothrom cùrsaichean Gàidhlig a thoirt seachad do dhaoine de gach aois air feadh Earra-Ghàidheal."