Iomairt Bhrexit iasgairean

  • 4 Am Faoilleach 2018
Tràladh

Tha Comainn Iasgairean eadar Arcaibh is Cluaidh - ach a-mhàin iasgairean Mhalaig - air a dhol ann an co-bhonn airson cuideaman ceadaichte airson an iasgaich fhaighinn dha na coimhearsnachdan as dèidh Bhrexit.

Tha na h-iasgairean ag ràdh gun do chùm Innis Tìle còirichean iasgaich dhaibh fhèin airson maith nan coimhearsnachdan, agus gum feum coimhearsnachdan air an taobh siar an aon rud a dhèanamh, a thuilleadh air còirichean às ùr a thoirt dhaibh fhèin às dèidh Bhrexit.

Mus deach Breatainn dhan Aonadh Eòrpach bha trì chairteal de luach na bhathas a' cur air tìr de dh'iasg anns na h-Eileanan Siar ann an iasg geal agus sgadan.

Tha sin a-niste nas lugha na 1%.

Ceannach Chuideaman

"Saoilidh mi, nam faighte air ais pàirt dheth sin, agus barrachd buannachd a bhith anns na coimhearsnachdan, gum biodh e gu buannachd nan Eileanan," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Agus tha taobh an iar Alba, sìos dhan Chluaidh, den aon bheachd air sin, agus Arcaibh gu h-àraid cuideachd," thuirt e.

Tha taic aig na h-iasgairean bho ùghdarrasan ionadail agus luchd-saidheans Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt na h-iasgairean gun do rinn iad adhartas mar thà ann a bhith a' cur stad air iasgairean an taobh sear cuideaman ceadaichte a thoirt air falbh.

"Tha muinntir an rionnaich a' togail bhàtaichean ùra, agus a' toirt nan ceadan air falbh," thuirt Mgr MacAonghais.

"Sin na ceadan às na coimhearsnachdan a tha seo, agus cha thill iad ann idir.

"Bha an fheadhainn sin le maorach ceangailte riutha, agus bha sinn a' faicinn gun robh sin a' dol a dh'fhalbh agus nach tilleadh e.

"Tha iad air stad a chur air sin, agus tha sinn gu math mothachail, mura biodhte air sin a thogail leis a' mhinistear, gum biodh a' chùis air a dhol tòrr na bu mhiosa," thuirt e.

Tha taighean giollachd deiseil airson iasg geal, sgadan agus rionnach a ghiollachd ma gheibh iad an cothrom, agus tha na h-iasgairean ag ràdh gun cuidicheadh sin daoine òga a chumail ann an àiteachan iomallach.

"'S e an t-eagal as motha a th' oirnne, 's e nach eil daoine sna h-Eileanan airson na h-obraichean a tha sin a dhèanamh," thuirt Mgr MacAonghais.

"Mura bi sinn a' faighinn barrachd den ghnìomhachas a tha seo, 's e an òigridh a chumas a' dol a' falbh, agus tha cothrom ann an òigridh a chumail.

"Mus deachar dhan Roinn Eòrpa, bha gnìomhachas an iasgaich a' cumail na h-òigridh anns na coimhearsnachdan sin," thuirt e.

Tha na h-iasgairean cuideachd a' coimhead ris na h-ùghdarrasan ionadail a dhol an sàs airson dèanamh cinnteach gun tèid na cuideaman ceadaichte a chumail.

"Tha sinn a' faicinn Comhairle nan Eilean Siar, tha iad air cuideaman ceadaichte a cheannach air muasgan caol," thuirt Mgr MacAonghais.

"Tha sin air feum a dhèanamh dha na h-Eileanan. Chan fhalbh e às na h-Eileanan a chaoidh tuilleadh.

"Agus bhithinnsa an dòchas gum faighte air rudeigin mar sin a dhèanamh le iasg geal agus le rionnach 's sgadan cuideachd," thuirt e.