Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obair-lannsa

Chuir ospadalan Albannach dheth còrr air 2,700 obair-lannsa a bha anns an amharc anns an t-Samhain 2017. Seo a rèir àireamhan oifigeil. Tha an àireamh beagan nas lugha na an aon àm a' bhliadhna ron sin.

Ceannarc

Chaidh ceathrar fhireannach agus boireannach a chur ann an grèim fo amharas gu bheil iad anns a' bhuidhinn Neo-Natsach a th' air a' chasg, National Action. Chaidh na fir, uile anns na 20an, agus boireannach aois 37, a chur ann an grèim fo Achd na Ceannairc ann an iomairt phoileas madainn an-diugh. Thathar a' dèanamh sgrùdaidh air grunn dhachaighean co-cheangailte ris a' chùis.

Glaschu

Tha dà mhèirleach le machete air ionnsaigh a thoirt air neach-obrach G4S ann an droch ionnsaigh air taobh an ear Ghlaschu, a rèir nam Poileas. Bha an duine, aois 60, a' cur airgid do dh'inneal ATM Santander, aig ionad bhùithdean am Forge air Sràid Dhìuc, dìreach ro 8:00f an-raoir, nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt air. Ghoid an dithis còrr air £10,000, agus theich iad ann an càr a bh' air a ghoid. Chaidh an càr a lorg an dèidh a bhith air a chur na theine air Sràid Inbhir Lìte. Fhuair an duine leigheas agus a làmh air a goirteachadh.

Faraidhean Rèile

Tha aonadh luchd-obrach na rèile, ann RMT, air iomairtean a chur air dòigh aig grunn stèiseanan rèile air feadh Alba an-diugh, agus iad a' togail fianais an aghaidh àrdachaidh ann am faraidhean. Tha iad den bheachd nach urrainnear gabhail ri àrdachadh sam bith agus seirbheisean a tha riatanach gan gearradh. Tha prìsean thiocaidean a' dol suas 3.2% anns a' chumantas am-bliadhna.

Joshua Boyle

Chaidh fireannach à Canada a chaidh a chumail am bruid ann an Afganastan fad còig bliadhna còmhla ri a bhean 's an teaghlach aca a chur ann an grèim fo chasaidean ionnsaigh agus a' cumail fo ghlais a dh'aona-ghnothach. Chaidh cobhair a dhèanamh air Joshua Boyle agus Caitlin Coleman anns an Damhair. Bha ceathrar cloinne aca fhad 's a bha iad air an cumail am bruid, agus mharbh reubaltaich aon leanabh.

Next

Dh'èirich na reic a' bhùth aodaich Next thairis air àm na Nollaige - rud ris nach robh dùil. Tha e coltach gur ann air-loidhne a bu mhotha a chaidh stuth a reic. Mar thoradh air seo tha a' chompanaidh a' tomhais gun èirich na prothaidean aca 1.5%.

Mathan Geal

Tha cuilean air a bhith aig mathan geal aig Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd an Ceann na Creige. Seo a' chiad uair ann an 25 bliadhna a tha cuilean air a bhith aig mathan geal anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt luchd-obrach na pàirce gun robh iad air an dòigh ghlan. Thuirt iad ge-tà, nach robh e soilleir aig an ìre seo a bheil barrachd air aon chuilean air a bhith aig a' mhathan, air a bheil Victoria.