Teine an Cill Tharghlain

  • 3 Am Faoilleach 2018
An teine Image copyright Neil G Paterson

Tha luchd-smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh ri teine ann an Cill Tharghlain, faisg air a' Mhanachainn, agus dùil gun deach sgrìos a dhèanamh air taigh.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 4:45f Dimàirt.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba nach robh dùil aca gun robh duine air an goirteachadh san teine, ge-tà.