Tubaist-rathaid mhairbhteach air Ghàidhealtachd

  • 2 Am Faoilleach 2018
Càr air a mhilleadh Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Bha an rathad dùinte grunn uairean de thìde às dèidh na tubaiste.

Dhearbh na Poilis gun deach fear-baidhseagail a mharbhadh ann an tubaist-rathaid faisg air a' Mhanachainn.

Chaidh an duine a chaochail ainmeachadh gu h-ionadail mar Uillean MacUilleim, a bha 47, 's a bha a' fuireach ann an Cill Targhlain.

Chaidh na Poilis a ghairm gu làrach na tubaiste, san robh càr Kia Rio dearg agus am baidhseagal an sàs, feasgar Diluain.

Dhearbh Poileas Alba gun robh oifigearan air a bhith an làthair aig "droch" thubaist-rathaid air an A862 eadar Cnoc Mhoire aguas a' Mhanachainn, faisg air Phoineas Mòr.

Bha an rathad dùinte cuid mhath den oidhche fhad 's a rinneadh rannsachadh, agus fhad 's a chaidh sprùilleach a thoirt air falbh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic na thachair, no aig a bheil fiosrachadh, fios a chur orra.