Rabhadh do dhràibhearan

  • 29 An Dùbhlachd 2017

Tha Poilis Alba a' cur an cuimhne dhràibhearan deoch làidir 's drogaichean a sheachnadh 's a' Bhliadhn' Ùr air fàire.

Tha oifigearan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' cur an taic ri iomairt nàiseanta, a tha ag amas air na de dhaoine a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe a lùghdachadh, agus an fheadhainn a nì e a ghlacadh.

Bidh oifigearan a-muigh aig an deireadh-sheachdainn 's iad ag amas gu sònraichte air dràibhearan a th' air barrachd na tha ceadaichte òl.

Thuirt an Sdst Gregor Hay bho Roinn nan Rathaidean ann an Inbhir Pheofharain gur e a' chomhairle as fheàrr gun deoch làidir sam bith òl ma tha thu gu bhith a' dràibheadh.

Thuirt e gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail cuideachd gum faodadh iad fhathast a bhith os cionn na h-ìre ceadaichte an ath-là às dèidh dhaibh a bhith ag òl.