Tagradh ùr mu fhear-baidseagail

  • 29 An Dùbhlachd 2017
Tony Parsons Image copyright Poilis Alba
Image caption Chaidh Tony Parsons fhaicinn mu dheireadh air an 29mh là den t-Sultain

Tha na Poilis air tagradh ùr a dhèanamh airson fiosrachadh mu fhear-baidhseagail a th' air a bhith a dhìth bho chionn trì mìosan.

Bha Tony Parsons, a tha 63, a' dèanamh a shlighe bhon a' Ghearasdan gu a dhachaigh ann an Tulach Cultraidh air Dihaoine, an 29mh là den t-Sultain.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh mu 23:30 air an oidhche sin, aig taigh-òsta Dhrochaid Urchaidh.

Chùm e air gu deas air an A82.

A dh'aindeoin iomairt mhòr le na seirbheisean teasairginn cha deach sgeul fhaighinn air bhon uair sin.

Tha na Poilis cuideachd air bruidhinn ri dràibhearan agus luchd-bathair a bhios tric a' siubhal air an rathad sin.

Tha Mgr Parsons còig troighean 's naoi òirlich a dh'àirde, dèanta, le falt goird liath agus stais.

Bha e a' siubhal air baidhseagal buidhe.