Cobhair air sreapadairean gun mhapa

Sreapadairean Image copyright Cairngorm MRT

Tha e air tighinn am follais nach robh mapa aig triùir shreapadairean air an deach cobhair a dhèanamh oidhche Chiadain 's iad air chall sa Mhonadh Ruadh.

Bha iad air an slighe a chall ann an cathadh 's anns an dorchadas.

Chaidh ochdnar de sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh gan sireadh, agus fhuaireadh an triùir faisg air Fiacaill a' Choire Chais.

Bha iad a' dèanamh air Coire an t-Sneachda agus Coire an Lochain, ach chaidh iad air chall.

Dh'aidich iad gu robh iad dìochuimhneachadh am mapa aca a thoirt leotha.

Bha iad air an deagh uidheamachadh airson na h-aimsire, a rèir cheannard na sgioba teasairginn, Willie MacAnndrais.

Ach thuirt e cuideachd gun robh iad fortanach nach do chaill iad am beatha, a bhith a-muigh gun mhapa ann am fìor dhroch shìde.