Oidhche Challainn an Inbhir Nis

  • 28 An Dùbhlachd 2017

Tha na còmhlain Hò-Rò, Skippinish agus Skerryvore am-measg na chluicheas ann an Inbhir Nis air Oidhche Challainn am bliadhna.

Tha an tachartas, a thèid a chumail ann am Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath, na phàirt de dh'Fhèis Gheamhraidh Inbhir Nis, agus gheibhear a-steach ann an-asgaidh.

Bidh cuideachd taisbeanadh de chleasan-teine ann os cionn Cathair-eaglais Inbhir Nis.

Fosglaidh na geataichean aig 20:00f leis a' chuirm fhèin a' tòiseachadh aig 20:30f.