Dùil gun lean dìon air rìof ann an Loch Carrann

  • 27 An Dùbhlachd 2017
Flame shell Image copyright Andy Jackson
Image caption Chaidh casg èiginneach a chur air iasgach anns an loch am bliadhna

Tha coltas ann gun lean dìon air rìof sònraichte ann an Loch Carrann leis gu bheil dùil a-nis gur e am fear as motha dha sheòrsa.

Chaidh casg èiginneach a chur air iasgairean bho bhith a' dreidseadh airson chreachann anns an loch am bliadhna nuair a chaidh milleadh a dhèanamh air dà thuras.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis air measadh a dhèanamh air meud an rìof, agus na chaidh de mhilleadh a dhèanamh air.

Thuirt Ben James bhon bhuidhinn gu bheil e gu math furasta an rìof a reubadh.

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gu bheil e iomchaidh na ghabhas a dhèanamh airson dìon a chur air.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile