Iomairt teasairginn air Là na Nollaige

  • 26 An Dùbhlachd 2017
Sgioba-teasairginn nam Beann Image copyright Lochaber Mountain Rescue
Image caption Chaidh mu 14 buill bho Sgioba Teasairginn Loch Abair a ghairm air oidhche na Nollaig.

Chaidh Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair a ghairm Là na Nollaige 'son cobhair a dhèanamh air neach-coiseachd ann an Gleann Nibheis.

Bha am fear-coiseachd air tuiteam far na drochaide uèir aig Lùib Shonnachain faisg air An Steall agus e air a chas a bhriseadh.

Chaidh am fireannach a thogail bho bhruach na h-aibhne, air a' cheann a tuath, a' ciallachadh nach robh aig na buill bhon sgioba teasairginn ri dhol tron uisge.

Thuirt ceannard na sgioba, Iain Stevenson gun deach mu 14 buill a ghairm air oidhche na Nollaige.

Bha ceò ann agus thuirt Mgr Stevenson gun robh e na b'fhasa an duine a ghiùlain a-mach às a' ghleann air sreadsair na heileacoptair a chur an sàs.

Chaidh am fear-coiseachd a thoirt gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan.