Poilis air leisgeul as ùr iarraidh mu 'fhàilligidhean'

  • 22 An Dùbhlachd 2017
Caoimhin MacLeòid Image copyright Teaghlach MhicLeòid
Image caption Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid a lorg ann an Caladh Inbhir Ùige.

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iad duilich mun dòigh anns an do dhèilig iad ri cùis fear à Gallaibh a fhuaireadh marbh ann an Caladh Inbhir-Ùige bho chionn còrr is 20 bliadhna.

Thabhainn Iar-Àrd-Chonastabal Phoileas Alba a leisgeul air teaghlach Chaomhain MhicLeòid nuair a choinnich e riutha ann an Inbhir Ùige Dihaoine.

Ach thuirt e nach robh fhathast fianais gu leòr ann a dhearbhadh mar a fhuair Caomhain bàs.

Tha a theaghlach den bheachd gun deach a mharbhadh.

Chaidh Caomhain MacLeòid fhaicinn mu dheireadh ann an uairean beaga na maidne air an 8mh là den Ghearran 1997 nuair a bha e a-muigh le caraidean.

Chaidh a chorp fhaighinn ann an Caladh Inbhir Ùige an àth-là.

Fianais

Bha Poilis a' Chinn a Tuath den bheachd gur e tubaist a bh' ann, ach thug a theaghlach, a bha a' creidsinn gun deach a mharbhadh, dubh-chàineadh air an sgrùdadh.

Dh'innis an t-Iar-Àrd-Chonastabal do phàrantan Chaomhain, Uisdean agus June, Dihaoine gun robh uireasbhaidhean san sgrùdadh a rinn Poilis a' Chinn a Tuath aig fìor thoiseach na cùise, agus mar a chaidh a làimhseachadh às dèidh sin.

Ghabh e ris nach deach dòighean obrach bunaiteach nam Poileas a leantainn mar a bu chòir, agus gun do chailleadh cothrom fianais chudromach a chruinneachadh.

'S ann gu ìre mhòir air sgàth sin, thuirt e, gur e co-dhùnadh Phoileas Alba nach eil fianais gu leòr ann a dhearbhas an tubaist neo eucoir a bu choireach ri bàs Chaomhain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile