Taigh-deilbh eachdraidheil an Earra Ghàidheal ga fhosgladh as ùr

  • 22 An Dùbhlachd 2017
Taigh-deilbh Cheann Loch Chille Chiarain
Image caption Bha an Taigh Deilbh ann an Ceann Loch Chille Chiarain am measg a' chiad fheadhainn a chaidh a thogail a dh'aona ghnothach ann an Alba.

Tha fear de na taighean deilbh as eachdraidheile san Roinn Eòrpa a' fosgladh as ùr Dihaoine.

Bha an Taigh Deilbh ann an Ceann Loch Chille Chiarain am measg a' chiad fheadhainn a chaidh a thogail a dh'aona ghnothach ann an Alba.

Chaidh obair sgeadachaidh luach £3.5m a dhèanamh air an togalach.

Chaidh am prìomh sheòmar a sgeadachadh chun a' choltais a bh' air anns na 1930an , fhad 's a chaidh an còrr den togalach a leasachadh 's a leudachadh.