Ceist mu bhàt-aiseig eadar-amail

  • 22 An Dùbhlachd 2017
An Hamnavoe Image copyright Terry Robinson/Geograph
Image caption Bidh an Hamnavoe a' faighinn obair-càraidh toiseach na Bliadhna Ùire.

Tha BPA Arcaibh Liam MacArtair air ceist a thogail mu cho iomchaidh 's a tha am bàta a bhios a' ruith eadar Sromnis agus Scràbasdal fhad 's a tha am bàta àbhaisteach ga càradh.

Tha am bàt-aiseig an Hamnavoe, a tha a' ruith air an t-seirbheis eadar Scràbasdal agus Sromnis, gu bhith a' faighinn obair-càraidh aig toiseach na Bliadhna Ùire.

Bidh am bàta-bathair, an Hellier, a' dol na h-àite, ach tha mì-thoileachas air nochdadh, agus i comasach air direach dusan luchd-siubhail a thoirt air bòrd air gach turas.

Tha Serco-Northlink, a tha a' ruith na seirbheis, ag ràdh gur e an t-àm as sàmhaiche den bhliadhna a th' ann.

Ach tha Liam MacArtair, ag ràdh nach eil an Hellier iomchaidh airson na slighe, agus e a' cur ìmpidh air Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a dhol an sàs.