Fuasgladh do chùis MhicShimidh?

  • 21 An Dùbhlachd 2017
Eile
Image caption MacShimidh.

Dh'fhaodadh gun tig freagairt tràth sa bhliadhna ùir air ceist nach deach fhuasgladh ann an còrr is 250 bliadhna.

B' e Sim Friseal - MacShimidh - duine cho connspaideach 's a bh' air a' Ghàidhealtachd san 18mh linn.

'S iomadh cleas a bh' aig 'an t-Seann Sionnach'.

Ach b' e a cho-dhùnadh taobhadh ris na Seumasaich ann an 1745 a chuir às dha Sim Friseal.

Ghlac na saighdearan dearga e a' feuchainn ri teicheadh dhan Fhraing às dèidh sgrios Chùil Lodair ann an 1746.

Chaidh a thoirt a Lunnainn far an deach a cheann a thoirt bhuaithe.

Ach fiù 's fada, fada às dèidh dha a cheann a chall, tha an sionnach seòlta seo air a bhith na phuing deasbaid.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris Dhòmhnaill Mhoireasdain air cùis MhicShimidh.

Gu h-oifigeil chaidh a thiodhlaigeadh ann an Lunnainn.

A rèir nam Frisealach, ge-tà, chaidh an corp a thilleadh dhan Ghàidhealtachd ann an 1746 agus a thiodhlaigeadh ann an taigh-adhlacaidh an teaghlaich ann an Cnoc Mhoire.

Cò bha ceart?

Tha eòlaichean fo stiùir an Oll. Sue NicUilleDhuibh bho Oilthigh Dhùn Dè air a bhith a' feuchainn ris a' cheist a tha sin a fhreagairt.

San Damhair, thog iad ciste às an uaigh ann an taigh-adhlacaidh Wardlaw.

Tha iad air a bhith a' dèanamh sgrùdadh air an dust, is iad an dòchas gun inniseadh sin dhaibh a bheil Sim Friseal air a thiodlaigeadh ann an Cnoc Mhoire.

Tha an sgioba a-nise air innse gun tig iad gu tuath tràth ann an 2018 gus toradh an rannsachaidh fhoillseachadh.

Gheibhear a-mach air an 18mh den Fhaoilleach an d' fhuair iad fuasgladh do chùis MhicShimidh.