Faochadh Nollaige do Dhrochaid Chrombaidh

  • 21 An Dùbhlachd 2017
Drochaid Chrombaidh
Image caption Thòisich an obair air an drochaid anns an Lùnastal. Thèid a sgur rè ùine thairis air an Nollaig, 's i a' tòiseachadh a-rithist air an 8mh là den Fhaoilleach.

Thèid Drochaid Chrombaidh fhosgladh gu tur do thrafaig, rè ùine, airson na Nollaige 's na Bliadhna Ùire.

Tha obair luach £1.5m gus leasachadh a thoirt air an earrann sin den A9 a' dèanamh deagh adhartais, agus còrr air an dàrna leth den obair a-niste dèanta.

Thòisich an obair san Lùnastal, gus concrait air an drochaid a chàradh, agus airson obair a dhèanamh gus an drochaid a dhìon bho chrìonadh san àm ri teachd.

Thèid còmhdach dìonach an uair sin a chur air an drochaid gus a dhìon bho uisge, le uachdar rathaid ùr ga chur air muin sin.

Tha solais thrafaig shealadach air a bhith an àite ri linn na h-obrach air adhbharan sàbhailteachd.

Ach thèid iad sin a thoirt air falbh rè ùine bho Dhihaoine an 22na là den Dùbhlachd, gus siubhal a dhèanamh nas fhasa do dhaoine.

Cha bhi cead aig carbadan neo-àbhaisteach os cionn 100 tunna an drochaid a chleachdadh thairis air an Nollaig idir ge-tà.

Tòisichidh obair a-rithist air an drochaid air an 8mh là den Fhaoilleach, leis na solais thrafaig gan cur air ais gus am bi an obair ullamh.