Treas sgoil "fhathast na prìomh amas"

  • 21 An Dùbhlachd 2017
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Image copyright Picasa
Image caption Tha iarrtas mòr air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu, agus an dà sgoil a th' ann an-dràsta gun chomas a h-uile pàiste a ghabhail.

'S e treas sgoil Ghàidhlig fhathast prìomh amas Comhairle Baile Ghlaschu airson fuasgladh fhaighinn air cion àiteachan, a rèir chathraiche foghlaim an ùghdarrais.

Bha Chris Coinneagan a' bruidhinn 's litirichean air a dhol a-mach gu pàrantan ag ràdh gur dòcha nach fhaigh iad àite an ath-bhliadhna.

Tha còrr air 140 ag iarraidh tòiseachadh ann an sgoil Ghàidhlig sa bhaile, ach chan eil ach 100 aite ri fhaighinn.

Dhiùlt pàrantan sgoil Ghowanbank mar roghainn am-bliadhna.

"Mar a tha a' chùis againn an-diugh tha an t-iarrtas anns a' bhaile nas àirde na tha àiteachan anns an dà sgoil foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile," thuirt Cathraiche Comhairle Phàrantan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Dùghlas Moireasdan.

"Aig an ìre seo tha sinn a' coimhead 's dòcha gu bheil 43 teaghlaichean a' dol a chall a-mach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile, agus bidh sin tàmailteach airson na cloinne sin gu h-àraid.

"Às dèidh a' chonaltraidh a rinn a' Chomhairle an-uiridh mu dheidhinn làrach ùr airson sgoil eile anns a' bhaile, os cionn sin chuir iad air dòigh buidheann-obrach a tha a' tòiseachadh ag obair tràth san ath-bhliadhna, airson coimhead air a' chùis.

"Anns an litir, tha e ag ràdh, a-mach às a' bhuidhinn-obrach a tha seo, ma tha dòigh ann, gur dòcha gum faigh a' chlann sin àite ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile seo.

"Feumaidh sinn fuireach airson a' buidheann-obrach seo a bhith a' coimhead air dè na dòighean fuasglaidh a th' ann.

"Tha na pàrantan taiceil gun cùm sinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fosgailte anns a' bhaile, agus gum faigh a h-uile duine a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile, gum faigh iad a-steach.

"Ach tha an ùine gu math teann airson rud a dhèanamh.

"Feumaidh a' Chomhairle fios a leigeil gu pàrantan ro mheadhan a' Ghearrain mu dheidhinn dè an sgoil a bhios a' chlann aca a' dol ann anns an Lùnastal an ath-bhliadhna," thuirt e.