Ìmpidh mu sgoiltean Mhoireibh

  • 20 An Dùbhlachd 2017
Seòmar sgoile

Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, a' cur ìmpidh air Comhairle Mhoireibh gun sgoiltean a dhùnadh neo uairean nan sgoilearan a ghearradh.

Tha a' Chomhairle air litir a chur gu pàrantan le rabhadh gur dòcha gum feum iad a leithid a dhèanamh ri linn cion thidsearan.

Tha ceannard na Comhairle, Seòras Alexander, ag ràdh gur e an àireamh sgoiltean beaga dùthchail a ghearradh prìomh fhreagairt na cùise.

Ach, tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil barrachd thidsearan ri fhaotainn na bha an-uiridh, 's nach e an là sgoile a chuingealachadh freagairt na cùise.